Naidheachdan 11:00m

Dh'aidich ceathrar shaighdear a bh' ann am meur sònraichte de dh'Arm Bhreatainn a bha ag iomairt an aghaidh an IRA ann an Èirinn a Tuath sna 70an gun do mharbh iad sìobhaltaich aig nach robh armachd. Tha am fiosrachadh a' tighinn am follais ann am prògram Panorama aig a' BhBC a thèid a chraoladh a-nochd. Tha Ministreachd an Dìon air a' chùis a thoirt gu aire nam Poileas.

Tha figearan ùra bho Roinn an Ionmhais ag ràdh gu bheil cosgais ann an Alba a rèir an t-sluaigh £1,300 nas motha na tha sa chòrr den Rìoghachd Aonaichte. Tha an t-suim sin aig beagan a bharrachd air £10,150 an duine an Alba, an coimeas ri £8,500 aig an ìre as lugha ann an Sasainn. Thuirt Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, gu bheil sin a' dearbhadh gu bheil muinntir na h-Alba a' faighinn buannachd, agus nach bu chòir dhaibh sin a chur ann an cunnart le dealachadh ris an Rìoghachd Aonaichte.

Dh'iarr Prìomh Mhinistear na Cuimrigh, Carwyn Jones, air Alba fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte. Bha esan a' bruidhinn ann an Dùn Èideann an-raoir, agus thuirt e gu bheil teagamh ann cuideachd am bitheadh àite aig Alba neo-eisimeilich anns an aon shiostam ionmhais ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt am Ministear a tha aig meadhan na connspaid ann an Eaglais na h-Alba mu mhinistearan gèidh gu bheil e an dòchas gun atharraich an eaglais a beachd air pòsaidhean gèidh. Bha an t-Urr. Scott Rennie, a tha gèidh, a' bruidhinn an dèidh do Phàrlamaid na h-Alba taic a thoirt ann am prionnsabal an-raoir do phòsadh eadar dìthis den aon ghnè. Tha Eaglais na h-Alba, agus an Eaglais Chaitligeach am measg na tha a' cur an aghaidh sin.

Chuir an ceannard Làbarach, Ed Miliband, dìon air càirdeas nan Làbarach ri Paul Flowers, a bha na cheannard air Banca a' Cho-op. Thuirt Mgr Miliband nach do rinn am Pàrtaidh Làbrach dad ceàrr. Tha rannsachadh ann an-dràsta mu chasaidean gun do cheannaich Mgr Flowers drogaichean mì-laghail.

Tha sgrùdadh air seirbheisean Chaledonian Mhic a' Bhriuthain ag ràdh gu bheil mòran a bharrachd ag iarraidh seòladh orra na th' ann de dh'àite dhaibh. Agus tha an sgrùdadh ag ràdh, ged a bhitheadh àite air na h-aiseagan, nach eil dòigh cheart ann air sin innse do dhaoine air an là a dh'iarradh iad seòladh, agus gu bheil, le sin, na h-Eileanan a' call luchd-turais. Thuirt comhairlichean Uibhisteach gu bheil sin na dhearbhadh air gum bu chòir bàta a bhith a' seòladh eadar Loch Baghasdail agus Malaig fad na bliadhna.

Thèid sianar de luchd-taic Celtic dhan chùirt ann an Amsterdam feasgar. Tha iad fo chasaid gun tug iad ionnsaigh air oifigearan poilis nuair a bha Celtic a' cluich Ajax anns an Champions League bho chionn cola-deug.