Naidheachdan 11:00m

Tha Ceannard Poilis Lunnainn, Sir Bernard Hogan-Howe, a' coinneachadh ri ceannardan coimhearsnachd an-diugh, gus deasbad ciamar a ghabhas càirdeas nas fheàrr a bhrosnachadh eadar na poilis agus a' choimhearsnachd. Tha mì-thoileachas ann an dèidh co-dhùnadh cùirte an-dè gur e marbhadh laghail a rinn poilis air Mark Duggan ann an 2011, nuair a loisg iad air le gunna. Phiobraich a bhàs aimhreit ann am bailtean air feadh Shasainn aig an àm. Tha teaghlach Mhgr Duggan ag ràdh nach d' fhuair iad ceartas, ach tha iad ag iarraidh air daoine fòirneart a sheachnadh.

Thuirt Ministear Cumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, gur e neo-eisimeileachd an aon dòigh air an gabh Alba brath air na th' aig an dùthaich de stòras ola, gas agus cumhachd ath-nuadhachail. Tha Mgr Ewing a' dol air turas dà là a Nirribhidh, dùthaich a thuirt e a th' air stòras mòr a chruthachadh bho prothaidean ola agus gas. Thuirt na Làbaraich gu bheil an t-Aonadh a' dìon Alba ann am margaidh a tha gu math cugallach aig amannan.

Tha trì de na bùithtean mòra ag ràdh gun do thuit ìre na reic iad de stuth anns na trì mìosan mu dheireadh an-uiridh. Tha na figearan sin a' gabhail beachd cuideachd air àm na Nollaig. Thuirt Morrison's gun robh iad sìos mu 5.5%, bha Tesco sìos 1.5% agus, ged a reic Marks and Spencer barrachd bìdh aig àm na Nollaige, bha na reic iad de stuth eile mar aodach sìos còrr is 2%.

Tha Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba a' càineadh mar a làimhsich Comhairle na Gàidhealtachd pròiseact cumhachd ath-nuadhachail anns an do chaill iad £11.5m. Chaidh Caithness Heat and Power a chur air bhonn ann an 2004 airson teas a chumail ri 500 taigh ann an Inbhir Ùige, ach chaidh e fodha le cosgaisean agus trioblaidean teicnigeach. Tha buidheann eile, Ignis Energy, a' ruith na sgeama a-nis.

Tha Riaghaltas nan Eilean Fàrach ag iarraidh air Buidheann Mhalairt na Cruinne pannal a chur air bhonn a nì rèite eadar iad fhèin agus iasgairean na h-Alba. Tha na h-Eileanan Fàrach a' gearain mu chasg-malairt a chur an t-Aonadh Eòrpach orra, mar phàirt den aimhreit mu chuota airson sgadain agus an rionnach. Thèid a chùis a dheasbad aig an ath chuairt de chòmhraidhean air an 20mh là den mhìos seo.

Tha Comhairle Choimhearsnachd Shlèite air sgrìobhadh gu Uisge na h-Alba agus iad ag ràdh gun tèid iad dhan Ombudsman, ma dh'fheumas iad, le gearainean mu sheirbheis uisge na sgìre. Tha Uisge na h-Alba an-dràsta a' cur thancairean le uisge dhan sgìre, a dh'aindeoin cho fliuch 's a tha i air a bhith. Tha e coltach nach e cion uisge as coireach, ach gu bheil an droch shìde a th' air a bhith ann air salchar fhàgail san aon loch a tha a' cumail uisge ris an sgìre.