A' feitheamh air uisge pìoba
Ann an Canada, tha sgìre Tyendinga fhathast a' feitheamh air seirbheis uisge pìoba.
'S fhada a bha iad a' feitheamh, gu dearbha. Tha bliadhnaichean air a bhith ann agus an sgìre a' faighinn an cuid bhùrn ann an tancaran.
Tha feadhainn de phàrantan na sgìre amharasach gu bheil an t-uisge a th' aca a' toirt droch bhuaidh air slàinte na cloinne.
Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 14 Am Faoilleach 2014
- Earrann
- Naidheachdan