Iarrtas air Gàidhlig aig làraich an Urrais
Fhuair rannsachadh a rinn Urras Nàiseanta na h-Alba na h-uimhir de thaic do bharrachd Gàidhlig a bhith aig cuid de na làraich aca.
Rinnear an rannsachadh an-uiridh aig Ionad Ghleann Fhionghain.
Sheall an rannsachadh gun robh faisg air an dàrna cuid de dhaoine a' smaoineachadh gum bu chòir co-ionnanachd a bhith aig a' Ghàidhlig agus a' Bheurla aig làraich an Urrais.
- Air fhoillseachadh
- 15 Am Faoilleach 2014
- Earrann
- Naidheachdan