BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Bha fàs de 0.7% ann an eaconomaidh na h-Alba sna trì mìosan mu dheireadh an-uiridh, a rèir eòlaichean Riaghaltas na h-Alba. Bha fàs cuideachd den aon ìre ann an roinnean eile mar seirbheisean poblach agus gnìomhachas an togail. Bha fàs na Rìoghachd Aonaichte sna trì mìosan sin aig 0.8%, beagan nas àirde na bha e ann an Alba.

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gu bheil dùthchannan Eòrpach ann an cunnart bho èiginn eaconomaigeach agus crìonadh. Ann an òraid sa Phàrlamaid, thuirt Mgr Osborne gum feum atharrachadh a thoirt air stiùireadh an Aonaidh Eòrpaich, agus casg a chur air na tha ga chosg air sochairean sòisealta. Thuirt e gu bheil an t-Aonadh Eòrpach a' tuiteam air dheireadh air dùthchannan mar Sìona agus na h-Innseachan, agus gum feum atharrachadh a bhith ann.

Tha Ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, a' moladh gum bu chòir toirt air na còig bancaichean mòra, HSBC, Barclays, Banca Rìoghail na h-Alba, Santander agus Lloyds, feadhainn de na meuran aca a reic mar dhòigh air farpais a bhrosnachadh sa ghnìomhachas. Agus tha na Làbaraich ag iarraidh air an t-Seansalair stad a chur air RBS bho bhith a' pàigheadh bonus, luach dà thurus an tuarasdal, do chuid den luchd-obrach.

Chaidh dithis dhaoine a mharbhadh ann an tubaist rathaid ann am Fìobha sa mhadainn an-diugh, air an A92 eadar Ladybank agus Cupar. Chaidh duine eile a thoirt gu Ospadal Ninewells ann an Dùn Dèagh agus e air a dhroch ghoirteachadh.

Tha trì dreuchdan falamh ann an seirbheisean foghlaim Gàidhlig Dhùn Èideann, dìreach beagan mhìosan an dèidh do sgoil Ghàidhlig ùr fosgladh anns a' bhaile. Tha tidsearan àrd-sgoil agus bun-sgoil a dhìth, agus co-òrdanaiche air sgoil-àraich. Ged a chaidh sanasachd a dhèanamh dà thurus air dreuchd na bun-sgoile, cha deach duine fhastadh. Tha Bòrd na Gàidhlig ag ràdh nach e trioblaid dhan Ghàidhlig a-mhàin a tha seo, agus thuirt iad gu bheil iad a' dèanamh adhartas a' fastadh thidsearan.

Bidh comhairlichean Gàidhealach a' beachdachadh an-diugh air £500,000 eile a chur ri sgoil ùr Ghàidhlig ann am Port Rìgh. Tha e coltach gum feum an sgoil a bhith nas motha na bha dùil, a' ciallachadh cosgais nas motha. Bheireadh seo cosgaisean na comhairle airson a' phròiseict gu £4m, le Riaghaltas na h-Alba a' pàigheadh leth eile na cosgais.