BBC Naidheachdan

Eaglais Ghlinn Fhionnainn dìonach

Bha Eaglais Ghleann Fhionnainn, air bruaichean Loch Seile, ann am fìor dhroch staid. Cha robh an togalach dìonach agus bha uisge a' dortadh a-steach.

Ach, às dèidh obair luach £200,000, tha i a-nis dìonach.

Air Là na Sàbaid, bhathar a' comharrachadh gun deach crìoch a chur air a' chiad earrainn den obair.

Tha £100,000 eile a dhìth ge-tà airson a sgeadachadh air an taobh a-staigh.