BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Thuit àireamh a' chion-chosnaidh an Alba dhan ìre as lugha ann am faisg air còig bliadhna, sìos 25,000 gu 816,000 anns na trì mìosan eadar an t-Sultain agus an t-Samhain. Tha an àireamh air feadh na Rìoghachd Aonaichte air tuiteam gu 7.1% den t-sluagh - faisg air an ìre de 7% aig am beachdaich Banca Shasainn air an riadh a chur suas. Thuit an àireamh air feadh na Rìoghachd Aonaichte faisg air 170,000 gu beagan a bharrachd air 2,300,000.

Thuirt Ministear Cèin Shiria, aig toiseach nan còmhraidhean sìthe eadar-nàiseanta anns an Eilbheis, gu bheil feachdan nam buidhnean dùbhlannach a' dèanamh brùidealachd, agus thuirt e gu bheil dùthchannan eile a' dèanamh chùisean nas miosa buileach dhan t-sluagh. Thuirt Àrd-Rùnaire nan Dùthchannan Aonaichte, Ban Ki-moon, - a dh'fhosgail na còmhraidhean - gu bheil còmhradh doirbh agus dùbhlan romhpa.

Chaidh aithris gun deach dithis a mharbhadh ann an sabaid eadar poilis gus luchd-iomairt ann an Kiev, prìomh bhaile Ugràin, far an deach laghan ùra an sàs mu bhith a' togail fianais. Thòisich an àimhreit anns an t-Samhain, nuair a ghabh an Riaghaltas ri ceanglaichean nas dlùithe ris an Ruis, seach aonta ùr ris an Aonadh Eòrpach.

Am Morair Rennard

Thuirt Ceannard nan Lib-Deamach, Nick Clegg, gun toir am pàrtaidh sùil às ùr air siostam peanas, an dèidh do chùis a' Mhorair Rennard. Tha am Morair Rennard a' beachdachadh air a dhol gu lagh, 's am pàrtaidh air a chasg rè ùine, an dèidh chasaidean gun do rinn e tàire dhrabasta air boireannaich a bha ag obair dhan phàrtaidh. Dhiùlt am Morair leisgeul a thabhainn, agus thuirt e nach do rinn e dad ceàrr. Dh'aidich Nick Clegg gun do rinn e fhèin agus am pàrtaidh droch làimhseachadh air a' chùis.

Tha Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, a' foillseachadh buidseat na bliadhna seo tighinn an-diugh. Tha e coltach gu bheil na Lib-Deamaich air taobhadh ris a' bhuidseat, ach gu bheil na Tòraidhean agus na Làbaraich teagmhach mu dheidhinn.

Tha fear de chomhairlichean Inbhir Nis air Comhairle na Gàidhealtachd, am Ball neo-eisimeileach Jim Crawford, ag iarraidh làn-ath-sgrùdaidh air poileasaidh dealbhachaidh na Comhairle, agus àimhreit ann mu sgeama taigheadais ùr faisg air làrach Bhlàr Chùil Lodair air iomall a' bhaile. Ged a bhòt Comhairle na Gàidhealtachd na aghaidh, fhuair a' chompanaidh air cùlaibh na sgeama cead an dèidh dhaibh taradh ri Riaghaltas na h-Alba.