BBC Naidheachdan

Gealladh bho Roinn an Ionmhais

Gheall Roinn an Ionmhais do mhargaidhean ionmhais, gun coilion iad fiachan na RA air fad suas chun an latha a bhios Alba neo-eisimeileach.

Bha iad ag amas air stad a chur air mì-chinnt fhad 's a tha an deasbad mu neo-eisimealachd a' leantainn.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil seo gam fagail-san ann an suidheachadh nas làidire.