A' dròbhadh a' chruidh san Òban
Fhuair clann bho Bhun-sgoil Achadh na Creige san Òban cothrom faighinn a-mach mu dhròbhaireachd Diluain.
Bha seo mar phàirt de phròiseact san robh iomadach sgoil an sàs roimhe, ach b' e seo a' chiad uair a fhuair clann an cothrom crodh a dhròbhadh sìos an rathad iad fhèin.
Bha clasaichean Beurla agus Gàidhlig a' gabhail pàirt ann.
Tha an aithris seo aig Andreas Wolff.
- Air fhoillseachadh
- 28 Am Faoilleach 2014
- Earrann
- Naidheachdan