Pàipear geal 'ceistean gun fhreagairt' a-rèir a' Phrìomhaire

Tha am pàipear geal air neo-eisimeileachd do dh'Alba air grunn cheistean fhàgail gun fhreagairt.

Sin a' rèir a' Phrìomhaire, Daibhidh Camshron, 's e a bruidhean aig àm cheistean a' Phrìomhaire ann an Taigh nan Cumantan.

Tha am pàipear geal cuideachd air a bhith ga dheasbad le Buill na Pàrlamaid Albannaich.