BBC Naidheachdan

Tuathanachas chreachain an Alba

Dh'fhaodadh gun tig piseach air tuathanachas chreachain ann an Alba ri linn oidhirpean gus sìol nan creachan fhàs san dùthaich seo fhèin.

'S e tuathanas creachain air Loch Iùbh, le taic bho chompanaidhean Nirribheach, a th' air cùl na h-oidhirp; agus mar a tha Coinneach Mac a' Ghobhainn ag aithris, tha dòchas ann gun ath-bheothaich seo an gnìomhachas.