Rabhadh bho Riaghladair Banca Shasainn

Thàinig rabhadh bho Riaghladair Banca Shasainn gum feumadh Alba neo-eisimeileach cumhachdan a ghèilleadh ri Lunnainn nam biodh i airson an not a ghlèidheadh.

A' dèanamh òraid ann an Dùn Èideann, thuirt Mark Carney gu bheil eisimpleir Sòn an Euro a' sealltainn gum feumadh Lunnainn agus Dùn Èideann riaghailtean aontachadh air caitheamh agus cìsean mus biodh e comasach dhaibh an t-aon airgead a chleachdadh.