BBC Naidheachdan

Cìobairean Bheàrnaraigh

Tha còrr agus 30 bliadhna ann bho nochd Shepherds of Berneray, fiolm aithriseach a chaidh a dhèanamh le dithis às na Stàitean Aonaichte a chuir seachad ùine mhòr ann am Beàrnaraigh na Hearadh.

A-nise, thathar an dùil am fiolm agus stuth a chaidh a chlàradh ach nach deach a chleachdadh a chur ann an cruth digiteach.

Tha dòchas ann uaireigin gum bi leth-bhreac den tasglann sin ga chumail san eilean.