BBC Naidheachdan

Ceann-là ùr do Cheòlas

Tha e air a thighinn am bàrr nach eil ach sia mìosan aig Ceòlas ann an Uibhist a Deas airson pròiseact togail a tha san amharc aca a thoirt air adhart, neo feumaidh iad cùl a chur ris.

Tha a' bhuidheann airson ionad foghlaim agus cultair a thogail, 's tha iad air taic-airgid fhaighinn airson manaidsear leasachaidh fhastadh.

Tha am fiosrachadh aig Shona NicDhòmhnaill.