BBC Naidheachdan

Alba san Aonadh Eòrpach

Thuirt Ministear Cèin na Spàinn nach cur iad an aghaidh neo-eisimeileachd na h-Alba ma thèid bhòtadh air a shon.

Thuirt Prìomhaire na Spàinn ron seo nach biodh Alba neo-eisimeileach san EU.

Chuir Riaghaltas na h-Alba fàilte air na thuirt am Ministear Dimàirt. Ach, nochd ceist mun chlàr-ama 'son ballrachd san EU.