Barrantas do mhuinntir Shlèite
Tha Uisge na h-Alba air barrantas a thoirt do mhuinntir Shlèite gum bi seirbhis a' bhùirn aca seasmhach.
Chan eil ach aon loch an-dràsta a' frithealadh na coimhearsnachd air fad.
Tha leasachaidhean agus leudachadh mòr air fàire anns an sgìre agus tha dragh orra nach tèid aice air feumalachdan dhaoine a choileanadh.
Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.