Fear le dùbhlan mòr air thoiseach air

Tha fear às an Eilean Sgitheanach a' ruith 100 mìle san t-seachdain an-dràsta agus e a' dèanamh deiseil airson an dùbhlan as motha a bh' aige rìamh.

Tha Ally K. Mac a' Phearsain am beachd ruith bho cheann a deas an eilein chun cheann a tuath, a' togail airgead do charthannas air an t-slighe.

Tha Eilidh NicLeòid air a bhith a' faighinn a-mach mar a tha an trèanadh aige a' dol.