BBC Naidheachdan

A' cur cùl ris an not?

Ma chuireas Alba cùl ris an Rìoghachd Aonaichte, cuiridh i cùl ris an not, a rèir an Seansalair, Seòras Osborne, 's e a' bruidhinn an Dùn Èideann.

Thuirt e gun seasadh Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte an aghaidh aonadh-airgid le Alba neo-eisimileach.

Chan eil an seo ach "burraidheachd", am beachd an SNP.