BBC Naidheachdan

Ceistean a bharrachd mun chàbal

Chuala coinneamh ann a Steòrnabhagh gum feum Riaghaltas Bhreatainn fuasgladh fhaighinn air ceist a' chàbail-dealain airson ceangal a dhèanamh eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr.

Nochd e cuideachd nach eil cinnt ann fhathast cuine a chuireas SSE iarrtas a-steach gu riaghladair a' ghnìomhachais, OFGEM, airson càbal a thogail.