BBC Naidheachdan

Geama eachdraidheil ann an Steòrnabhagh

Chaidh a' chiad ghèam iomlan riamh de rugbaidh nam ban a chluiche an Ceann a' Bhaigh ann an Steòrnabhagh Diluain.

Bha sgioba Steòrnabhaigh air a dhol a chluiche aig Murrayfield nan robh iad air a' ghèam an aghaidh Inbhir Àir a bhuannachadh.

Air a' cheann thall, bha sgioba Inbhir Àir ro làidir agus rinn iad a' chùis 30-12.