Iarrtas 'son gearradh air cìs a' chonnaidh

Tha a' bhuidheann iomairt Fairfuel UK a' cur ìmpidh air an t-Seansalair, Seòras Osborne, 3sg a thoirt far chìs a' chonnaidh anns a' bhuidseat aige an t-seachdain seo tighinn.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gur ann a chuireadh lùghdachadh anns a' chìs ris an fhàs a tha a' tighinn air an eaconomaidh.

Tha ball nan Eilean Siar ann an Westminster, agus fear-labhairt an SNP air còmhdhail, Aonghas Brianan MacNèill, am measg na tha a' cur taic ris an iomairt ùr seo.