BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Thuirt an t-Arm ann am Mailèisia gur dòcha gu bheil sgeulachd a-niste air plèana a chaidh às an t-sealladh Dihaoine seo chaidh. Thuirt iad gun deach an siognal seo a thogail ann an Caolas a Tuath Malacca, ceudan mhìltean air falbh bhon àite mu dheireadh anns a bheil dearbhadh aca air an itealan. Tha iad cuideachd a' rannsachadh aithris gun deach rud fhaicinn a' losgadh anns an iarmailt an iar air Bhietnam mun àm a chaidh an t-itealan a dhìth. Chaidh Ministear Còmhdhail Mhailèisia às àicheadh gu bheil an rannsachadh air a dhol trullainn orra.

Chaidh an tomhas eadar cosgais gus cìsean an Alba nas doimhne ann am fiachan a rèir fhigearan ùra bho Riaghaltas na h-Alba an-diugh. Bha beàrn de £12m ann an-uiridh aig 8.3% de theachd-a-steach na h-Alba gu lèir. 'S e 7.3% àireamh na Rìoghachd Aonaichte air fad.

Thuirt Ed Miliband nach biodh dad de dhùil aig riaghaltas Làbarach referendum a chumail air ballrachd Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach an dèidh taghaidh choitchinn na h-ath-bhliadhna. Thuirt e nach fhaigheadh muinntir na Rìoghachd Aonaichte bhòt air a' chùis ach nam biodh gluasad ann airson tuilleadh de chumhachdan Bhreatainn a thoirt dhan Bhruiseil.

Thuirt Comataidh na h-Eaconamaidh ann am Pàrlamaid na h-Alba nach eil taghadh gu leòr idir aig gnìomhachasan beaga agus meadhanach a thaobh cò às a gheibh iad iasad. Ann an 2012 's ann bho Bhanca Rìoghail na h-Alba agus bho Bhanca na h-Alba a thàinig 30% de dh'iasadan gnothachais ann an Alba. Thuirt a' Chomataidh nach eil roghainn gu leòr ann, agus gum biodh taghadh nas fharsainne gu math nas fheàrr dhan eaconamaidh.

Tha Prìomhaire eadar-amail na h-Ugràin, Arseniy Yatsenyuk, ann an Washington airson chòmhraidhean ris a' Cheann-suidhe Obama. Tha na Stàitean Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach cuideachd a' beachdachadh an-dràsta air tuilleadh chasg-bhannan air an Ruis. Thuirt an Taigh Geal gum bi cùisean nas doirbhe buileach ma ghabhas referendum ann an Crimea air an deireadh-sheachdain ri uachdaranas na Ruis.

Iarraidh Urras Cheann a Tuath na Hearadh beachd an t-sluaigh mus dèan iad an còrr còmhraidh ris a' Cho-op mu bhùth fhosgladh air an Tairbeart. Thèid ceisteachain a-mach anns a' phost a dh'aithghearr agus dragh air cuid san sgìre mun bhuaidh a bheireadh bùth ùr air a leithid a th' ann mar thà.

Tha Fair Fuel UK ag iarraidh air an t-Seansalar, Seòras Osborne, 3sg a ghearradh far Chìs a' Chonnaidh sa bhuidseat an ath-sheachdain. Tha a' bhuidheann iomairt ag ràdh gur ann a chuireadh cìs chonnaidh nas lugha ri ath-bheothachadh na h-eaconamaidh.