BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha ceannardan poileataigeach Bhreatainn am measg na tha a' dèanamh luaidh an-diugh air Tony Benn, am fear-poileataigs ainmeil Làbarach, a chaochaill tràth sa mhadainn an-diugh. Bha e 88, agus air a bhith meadhanach bho chionn ùine. Thuirt an ceannard Làbarach, Ed Miliband, gur e gaisgeach nan daoine bochda a bh' ann, agus duine aig an robh fìor chreideas na phoileataigs fhèin. Thuirt Daibhidh Camshron gur e sàr-sgrìobhaiche agus sàr-òraidiche a bh' ann.

Bha am Morair Ballyedmond às Èirinn a Tuath air fear de cheathrar a chaill am beatha ann an tubaist heileacoptair ann an Norfolk an-raoir. Thàinig an t-itealan a-nuas ann an ceò faisg air baile Gillingham ann an ceann a deas Norfolk, far an robh dachaigh agus oighreachd aig a' mhorair Thòraidheach.

Cuiridh Daibhidh Camshron an t-strì airson Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte aig meadhan òraid an-diugh agus e a' fosgladh co-labhairt nan Tòraidhean Albannach ann an Dùn Èideann. Canaidh e gur e co-dhùnadh a bheireadh atharrachadh air beatha a bhios anns an referendum anns an t-Sultain.

Tha Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, agus Ministear Cèin na Ruis, Sergey Lavrov, a' coinneachadh ann an Lunnainn an-diugh mu shuidheachadh na h-Ugràin. Tha na còmhraidhean a' tòiseachadh dà là ro referendum Chrimea, le dùil gum bhòt muinntir na sgìre sin airson tilleadh dhan Ruis.

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd dàil 15 mìosan ann an dùnadh ionadan-seirbheis ionadail gus an tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh. Bha a' Chomhairle am beachd cha-mhòr dà thrian de na h-ionadan sin a dhùnadh ron Ògmhios am bliadhna. Ach tha iad a-niste a' beachdachadh a-rithist an dèidh mòran gearain mun phlana sin.

Dh'fhàg Uli Hoeness a dhreuchd mar cheann-suidhe air cluba ball-choise Bayern Munich sa Ghearmailt an dèidh a chur dhan phrìosan an-dè airson a bhith a' seachnadh còrr is £20m de chìsean. Thuirt Hoeness, a thog Cupa na Cruinne còmhla ris a' Ghearmailt ann a 1974, nach bi e a' tagradh an aghaidh breith na cùirte.