BBC Naidheachdan

Ginealach 2014: Am Màrt 2014

Le sia mìosan ri dhol chun an referendum tha a' bhòt gu bhith air leth cudromach do bhuidhinn de dhaoine òga, a gheibh cothrom crois a chur ann am bogsa baileat 'son a' chiad uair.

Tha am BBC a' leantainn 50 deugaire suas gu là a' bhòtaidh ann am pròiseict air a bheil Ginealach 2014.

Thadhail iad air a' BhBC Dimàirt 'son a' cheist a dheasbad.