Naidheachdan 11:00m

Thuirt Riaghaltas na h-Ugràin ann an Kiev gu bheil iad a' tarraing feachdan na dùthcha a-mach à sgìre Chrimea. Ghabh feachdan Ruiseanach smachd tràth sa mhadainn an-diugh air ionad airm Ugràinianach eile ann an sgìre Chrimea. Tha suidheachadh na h-Ugràin agus Crimea gu mòr air aire a' Chinn-suidhe Obama, agus ceannardan eile dùthchannan an G7, anns an Òlaind an-diugh.

Thuirt criutha itealan Astràilianach, a tha a' coimhead airson a' phlèana à Mailèisia a chaidh a dhìth bho chionn cola-deug, gum faca iad sprùilleach anns a' Chuan Ìnnseanach, mu 1500 mìle an iar-dheas air Peairt. Thuirt Prìomhaire Astràilia, Tony Abbot, gu bheil bàta bho Chabhlach Astràilia a-nis a' rannsachadh na h-aithris a tha sin.

Chuir cùirt anns an Èipheit binn bàis air còrr is 500 de luchd-taic Mohammed Morsi, seann cheann-suidhe na dùthcha. Bha casaidean muirt am measg na bhathas a' fàgail air buill a' Bhràithreachais Mhuslamaich.

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba ùrachadh a thoirt air am plana airson dèiligeadh ri easbhaidh Alba neo-eisimeileach. Tha Ionad Poileasaidh Phoblach nan Roinnean, an CPPR, a' tomhas gum fuirich fiachan na dùthcha àrd, le torradh ola a' Chuan a Tuath a' tuiteam. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach eil na figearan sin ceart.

Chuir poilis cearcall mu phàirt de sgìre Pairce Dean ann an Cille Mheàrnaig agus iad a' coimhead airson boireannach òg à Fìobha, Hazel North à Dùn Phàrlain, a tha 19. 'S ann air a' 4mh là den mhìos seo a chualas bhuaipe mu dheireadh. Rinn poilis sgrùdadh foireansach air flat ann an Cille Mheàrnaig air an deireadh-sheachdain.

Chuir muinntir Àird nam Murchan, a' Mhorbhairne agus Àird Dhobhair iomairt ùr air bhonn an aghaidh àrdachadh ann am faraidhean air aiseig a' Chorrain. Cuiridh Comhairle na Gàidhealtachd an treas àrdachadh ann am bliadhna an sàs an ath-sheachdain, agus iad ag ràdh gu bheil an t-seirbheis a' call airgid. Tha muinntir na sgìre ag ràdh gu bheil na faraidhean àrda a' dèanamh cron air a' choimhearsnachd.

Tha riochdairean eileanach a' coinneachadh ri Riaghaltas na h-Alba ann an Steòrnabhagh an-diugh agus iad ag iarraidh tuilleadh chumhachdan dha na comhairlean eileanach. Seo an còigeamh coinneamh ann an sreath de shia, agus riochdairean nan Eilean Siar, Arcaibh agus Sealltainn ag iarraidh tuilleadh chumhachdan, ge bith dè an taobh a thèid an referendum air neo-eisimeileachd.

Air fhoillseachadh