BBC Naidheachdan

A' cruthachadh saoghal ùr

An dèidh na naidheachd gu bheil a' chuid mhòr de luchd-obrach Chomunn na Gàidhlig a' dol a dh'obair do Bhòrd na Gàidhlig air fo-chùmhnantan, tha CnaG ag ràdh gu bheil acasan mar bhuidheann ri saoghal ùr a dhealbh dhaibh fhèin.

Tha ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill ag aideachadh gu bheil feum air buidheann coiteachaidh ùr a thogas fianais airson tuilleadh leasachadh Gàidhlig - ach chan eil e a' smaoineachadh gur e CnaG a' bhuidheann sin.

Seo Dòmhnall Moireasdan.