BBC Naidheachdan

Mì-thoileachas mun Isle of Lewis

Bidh an MV Isle of Arran an àite an MV Isle of Lewis air slighe Steòrnabhaigh bho Dhimàirt.

Dhearbh CalMac gun tog am bàta an slighe aig 7.00m, 's an Isle of Lewis na tàmh le trioblaid eleactronaigeach. Seo an dàrna turas a bhris i sìos bho thill i bhon chàradh bliadhnail.

Tha cuid ag ràdh gu bheil iad a' call airgid ri linn.

Seo Dòmhnall MacLaomain.