Air àrd-ùrlar còmhla ri Gary Barlow
Sheinn Còisir Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu sa chuirm-chiùil as motha a bh' aca riamh air oidhche Chiadain - a' seinn còmhla ri Gary Barlow.
Nochd iad air an àrd-ùrlar anns a' Hydro, air beulaibh na mìlltean mòra de luchd-leantainn an t-seinneadair.
Chaidh Iain MacDiarmaid a choinnicheadh riutha goirid ro-làimh.