A' Ghàidhlig ann an Alba neo-eisimeileach

Tha a' Ghàidhlig air taic làidir fhaighinn aig ìre phoileataigeach bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh às ùr aig deireadh na 90an.

Tha inbhe a' chànain air stèidh nas cinntiche bho thàinig Achd na Gàidhlig ann an 2005, 's tha sgoiltean Gàidhlig fa leth ann an trì bailtean mòra.

Ach tha ceistean a' leantainn am measg chuid air na tha ga chosg air, can, soidhnichean dà-chànanach agus cuideachd air BBC ALBA.

Tha Darren Linc air a bhith a' coimhead air co-dhiù am bi àite nas fheàrr no nas miosa aig a' Ghàidhlig ann an Alba neo-eisimeileach.