BBC Naidheachdan

Leasachaidhean ann am Port Ilein

Tha coimhearsnachd Phort Ilein ann an Ìle air stèisean-connaidh a' bhaile a' ghabhail thairis.

Dhùin an ionad bho chionn beagan mhìosan, a' fàgail gun robh aig muinntir an àite agus luchd-turais ri bhith a' siubhal 10 mìle, gu Bogha Mòr, airson peatrail is diesel a cheannach.

Mar a tha Andreas Wolff ag aithris, chan e seo an aon leasachadh a tha a' dol air adhart sa bhaile.