Seirbheisean ùra don Ghàidhealtachd
Tòisichidh seirbheis-adhair ùr eadar Inbhir Nis agus Lunnainn anns an Damhair gu Port-Adhair London City.
Dh'innis Flybe Diciadain gum bi iad a' ruith dà uair san là.
Tha fàilte mhòr ga cur air an naidheachd air a' Ghàidhealtachd, oir 's e London City am port-adhair as fhaisg air meadhan Lunnainn agus air sgìre ghnothachais a' bhaile.
Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.