BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Dh'innis Comhairle Baile Rochdale gum bi rannsachadh ann mu aithrisean gun do chur a' Chomhairle an sin am falach casaidean mu droch dhìol an aghaidh chloinne, co-cheangailte ris a' Bhall-Pàrlamaid Lib-Deamach, Sir Cyril Mac a' Ghobhainn nach maireann. Tha poilis mar-thà a' rannsachadh chasaidean gun robh Cyril Mac a' Ghobhainn am measg na thug ionnsaigh air gillean aig sgoil Knowl View ann an Rochdale, am baile air an robh e na Mhayor airson 20 bliadhna.

Chaidh triùir chloinne is dithis bhoireannach a mharbhadh ann an teine aig taigh ann an Sheffield. B' e an dithis inbheach, Shabina Begum, a bha 54, agus a nighean, Anum Parvaiz, a bha 20 bliadhna de dh'aois. Cha robh an leanabh as òige ach naoi seachdainnean de dh'aois; bha na dithis eile seachd bliadhna agus naoi bliadhna. Thòisich an teine goirid an dèidh meadhan oidhche agus tha aithrisean ann gun do sgap e gu luath air feadh an taighe.

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, gun deadh fàilte bhlàth air Alba neo-eisimeileach mar bhall den Aonadh Eòrpach. Ach thuirt Rùnaire Cèin na Rìoghachd Aonaichte, Uilleam Hague, gum biodh còmhraidhean fada agus doirbh ann mu bhallrachd na h-Alba san EU. Tha an dithis air a bhith a' cur litrichean air ais 's air adhart dha chèile, mus dèan Mgr Salmond òraid air neo-eisimeileachd tràth feasgar an-diugh, anns a' Bheilg.

Tha aithrisean air tighinn à taobh sear na h-Ugràin gun deach Mayor baile Kharkiv, a tha a' taobhadh ris an Ruis, a dhroch leòn nuair a thug luchd-gunna ionnsaigh air. Thuirt a' Chomhairle gu bheil am Mayor, Gennady Kernes, fìor ìosal anns an ospadal.

Chuir cùirt anns an Èipheit binn bàis air cha-mhòr 700 ball den Bhràithreachas Mhuslamaich. Tha Ceannard na buidhne, Mohammed Badie, am measg na chaidh a dhìteadh co-cheangailte ri cùis far an deach oifigear-poilis a mhurt.

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas am beachd dà mhuileann-gaoithe eile a thogail faisg air Baile an Truiseil, agus iad an dùil an t-airgead air an son a thogail le earrannan a reic ris an t-sluagh. Bhiodh trì muilnean-gaoithe aca an uair sin, 's tha an t-Urras ag ràdh gur e dòigh mhath a th' ann air airgead a thasgadh, le buannachd nas fheàrr na thigeadh à cunntas-banca.