BBC Naidheachdan

Clàr-ama a dhìth air a' chàball dealain

Cò as coireach gu bheil dàil ann a bhith a' faighinn càball mòr dealain a cheanglas na h-Eileanan an Iar ris a' Ghrìod Nàiseanta?

Choirich aithisg a rinn eòlaichean cumhachd dha Riaghaltas na h-Alba na buidhnean OFGEM agus SHE Transmission.

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar a-rithist gun tèid clàr-ama a stèidheachadh 'son an càball a chur an sàs.

A rèir eolaichean tha fuasgladh ri fhaighinn, ach tha an ùine a' fàs gann.