Beachdan à sgìre Nis

Thairis air na seachdainean a dh'fhalbh, thathas air a bhith a' trusadh bheachdan bho dhaoine ann an diofar phàirtean de dh'Alba mun referendum.

An t-seachdain-sa, tha sinn a' toirt sùil air Nis ann an ceann a tuath Leòdhais.

Coimhearsnachd bheòthail, far a bheil aire dhaoine air na dh'fhaodadh a bhith an dàn dhaibh às dèidh na bhòt.