Barrachd tuigse ann an Slèite

Dh'aidich Uisge na h-Alba gum feum iad sùil às ùr a thoirt air a' bhuaidh a dh'fhaodadh fàs san aireamh den luchd-cleachdaidh aca ann an Slèite san Eilean Sgitheanach a thoirt air seirbheis a' bhùirn.

Chan eil ach aon loch a' frithealadh na sgìre agus tha muinntir an àite den bheachd nach eil i mòr gu leòr airson an àm ri teachd.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.