Clàr cruinne san amharc an Inbhir Nis

Air thoiseach air Geamaichean Gàidhealach Inbhir Nis as t-Fhoghair, tha fear le each air a bhith a' cruinneachadh stocan craoibhe ann an coille.

Tha e gan dèanamh nan cabair, agus oidhirp gu bhith ga dèanamh aig na geamaichean air clàr cruinne ùr a stèidheachadh.

'S e ceann-bliadhna shònraichte a th' ann dha na geamaichean, 's iad a' comharrachadh 150 bliadhna bho dh'fhosgail Pàirce Chruinneachaidh a' Chinn a Tuath.

Tha Teàrlach Quinnell ag aithris.