Buill ùra dhan Eaglais Shaoir
Thàinig dearbhadh gu bheil an fheadhainn a dh'fhàg coithional Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh air gluasad dhan Eaglais Shaoir.
Dh'fhàg còrr 's 250 duine an coithional agus iad mì-thoilichte le seasamh Eaglais na h-Alba air ministearan gèidh.