BBC Naidheachdan

Dannsa na Drochaid

Chaidh aon slighe de Dhrochaid an Eilein Sgitheanaich a dhùnadh aig an deireadh-sheachdain - ach cha b'e a' ghaoth neo luchd-strì an aghaidh chìsean a bu choireach.

Chuireadh stad air trafaig agus dannsa sonraichte a' dol oirre a comharrachadh Geamachan a' Cho-fhlaitheis.

Bha còrr is 80 a' dannsadh is daoine aig an aon am ri dannsaichean eile air feadh na h-Alba.