BBC Naidheachdan

Niall Iain air NY2SY

Tha an craoladair, Niall Iain Dòmhnallach, an ìre mhath deiseil a-nise 'son tòiseachadh air an turas iomraidh aige eadar New York agus Steòrnabhagh.

Às dèidh faisg air ceithir bliadhna de dh'ullachadh, cha mhòr nach eil Niall Iain air a h-uile sian a chur air dòigh is dùil aige gun tòisich air an dùbhlan uaireigin anns na beagan làithean ri tighinn

Cha do dh'iomraich ach deichnear roimhe tarsainn a' Chuain Shiar leotha fhèin - gu dearbh bha barrachd dhaoine air a' ghealaich.

An seo, chìthear Niall Iain sa bhàta aige ann an New York is e a' mìneachadh dè dìreach a tha roimhe.