Toraidhean nan taghaidhean Eòrpach
B' e là eile de ghàirdeachas a bh' ann do UKIP Diluain às dèidh don phàrtaidh tighinn am bàrr, ann am Breatainn, anns na Taghaidhean Eòrpach. Fhuair iad cha-mhòr 28% dhan bhòt.
'S e seo a' chiad uair airson còrr is 100 bliadhna nach do ghlèidh na Tòraidhean no na Làbaraich Taghadh Nàiseanta. Ach 's e fìor dhroch thaghadh a bh' ann dha na Lib-Deamaich - chan eil acasan a-nis ach aona bhall Eòrpach.
Ann an Alba 's iad an SNP a ghlèidh an earainn as motha dhan bhòt, agus ghlèidh UKIP a' chiad seat aca riamh san dùthaich.
Le tuilleadh seo Eilidh NicAsgaill.
- Air fhoillseachadh
- 27 An Cèitean 2014
- Earrann
- Naidheachdan