BBC Naidheachdan

Ola is gas aig cridhe an deasbaid

Tha an seann sheansalair Tòraidheach, am Morair Lawson, ag ràdh gun robh e ceart nach deach stòras ola a stèidheachadh le seann riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte nuair a chaidh ola a lorg anns a' Chuan a Tuath.

A' bruidhinn air a' phrògram, Rathad an Referendum: Ola is Gas, tha e a' dol às àicheadh gun deach ana-caitheamh a dhèanamh air airgead na h-ola.

Tha am fear-naidheachd poileataigeach, Mìcheal MacNèill, ag aithris.