Muinntir Árainn Mhóir air bhòtadh
Bha muinntir Árainn Mhóir air taobh siar na h-Èireann a-measg nan ciad daoine anns a' Phoblachd a bhòt anns an taghadh Eòrpach.
Bhòtaidh eileanaich Dhún na nGall là ro gach duine eile air eagal 's nach faigh na bogsaichean-baileit gu tìr-mòr tràth gu leòr airson a' chunntaidh.
Ach chan e a' mhuir a-mhàin a tha a' toirt orra faireachdainn gu bheil iad air iomall na Roinn Eòrpa agus fearg mhòr ann mu Phoileasaidh Coitcheann an Iasgaich.
Chaidh am fear-naidheachd poileataigeach againn, Niall O'Gallagher, don eilean airson an h-aithris sònraichte seo.
- Air fhoillseachadh
- 29 An Cèitean 2014
- Earrann
- Naidheachdan