BBC Naidheachdan

Gealltanasan mu chidhe Stafainn

Tha dùil gun tèid cead-dealbhachaidh iarraidh tràth an ath-bhliadhna 'son a' chiad ionad-giollachd èisg san Eilean Sgitheanach.

Tha a' chompanaidh a th' air cùl a' phlana ann an Stafainn, a' gealltainn 50 cosnadh.

Mar a tha Eilidh NicLeòid ag aithris, tha iad ag obair còmhla ri urras na sgìre air modail fo am faigheadh a' choimhearsnachd smachd air aig a' cheann thall.