BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha Rìgh na Spàinn, Juan Carlos, a' leigeil dheth a chrùin. Tha e 76 bliadhna de dh'aois agus chan eil a shlàinte air a bhith ro mhath bho chionn ghoirid. Chaidh a dhan a' chrùn ann an 1975 agus 's e a bha os cionn gluasad na Spàinn bho dheachdaireachd faisist gu deamocrasaidh. Thèid a mhac, am Prionnsa Felipe, na àite mar rìgh.

Thòisich poilis ann am Portagail a' rannsachadh an-diugh air pìos fearainn ann am Praia Da Luz far an deach Madeleine McCann a dhìth bho chionn seachd bliadhna. Bha an nighean bheag à Breatainn trì bliadhna de dh'aois aig an àm.

Thuirt tè-lagh, a tha a' riochdachadh mòran a dh'fhulaing aig Jimmy Savile, gu bheil feadhainn ann an ùghdarras a b' aithne, ach nach do rinn dad, fhathast a' faighinn às gun pheanas. Thuirt rannsachadh ùr bho Chomann Nàiseanta Dìon na Cloinne gu bheil còrr is 500 aithris ann air ionnsaighean drasbasta. Thuirt an tè-lagh, Liz Dux, gur e sgainneal nàiseanta a th' ann gun robh fios aig daoine dè bha Savile a' dèanamh, agus nach do rinn dad mu dheidhinn.

Tha rannsachadh a' dol air adhart mu bhàs triùir nuair a bhuail car annta, aig Rally Jim Clark faisg air Coldstream anns na Crìochan, Disathairne. Chaidh John Provan agus Ealasaid Allen à Barrhead, agus duine à Bearsden, Len Stern, a mharbhadh. Tha dithis eile anns an ospadal.

Tha poilis a' rannsachadh bàs fireannaich an dèidh corp fhaiginn ann an taigh anns an Òb ann an ceann a deas Na Hearadh. Chaidh seirbheisean èiginn a ghairm aig 8.30f a-raoir. Thuirt na poilis nach eil dearbhadh ann aig an ìre seo dè a thug bàs dhan an duine.

Tha na Tòraidhean an Alba a' foillseachadh plana an-diugh a bheireadh làn-smachd do Phàrlamaid na h-Alba air cìs teachd-a-steach. Tha e coltach gu bheil taic a' Phrìomh Mhinisteir, Daibhidh Camshron, aig a' phlana a ghluaiseadh air adhart an dèidh taghadh coitcheann na h-ath-bhliadhna, ma 's e agus gun diùlt Alba neo-eisimeileachd anns an t-Sultain.

Tha aithisg ùr bho Cholaiste Dhùthchail na h-Alba ag ràdh gu bheil a' mhòr-chuid de sheann daoine sna sgìrean iomallach ann am bochdainn connaidh. Bha na h-ìrean as miosa ann an Arcaibh agus anns na h-Eileanan an Iar, far an robh mu thrì chairteal de dhaoine nas sine na 60 a' fulang le bochdainn connaidh.