BBC Naidheachdan

Aithisg a' càineadh Gàidhlig nan sgoiltean

Tha rannsachadh ùr bho Oilthigh Obar Dheathain a' cur ceist ann am fileantachd na cànain ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Fhuair iad gu bheil trioblaidean mòra aig oigridh le gràmar, fuaimneachadh agus structur na cànain.

Agus tha cuid de thidsearan nach eil a' faireachdainn misneachail gu leòr nan comasan cànain fhèin airson mearachdan a cheartachadh.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.