Seirbheis ùr sinnsearachd
Tha e gu bhith nas fhasa na bha e a-riamh do mhuinntir na Gàidhealtachd craobh-teaghlaich an sinnsearachd a rannsachadh.
Chaidh seirbheis ùr fhoillseachadh gu h-oifigeil Dimàirt aig Tasglann na Gàidhealtachd an Inbhir Nis.
Gheibh daoine cothrom a-nis air fiosrachadh nach robh furasta fhaighinn ron seo gun siubhal a Dhùn Èideann.
Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 18 An t-Ògmhios 2014
- Earrann
- Naidheachdan