BBC Naidheachdan

Ceist mu aiseag Steòrnabhaigh

Thog Comhairle nan Eilean Siar dragh gum faodadh seirbheis aiseig Steòrnabhaigh a dhol am miosad.

Chaidh dragh a thogail aig coinneamh de Chomataidh na Còmhdhail gum bi an MV Loch Seaforth air an t-slighe leatha fhèin, gun bàta bathair ann cuideachd.

Tòisichidh am bàta ùr air an t-slighe gu h-oifigeil san t-Sultain.