BBC Naidheachdan

Litir an t-Saighdeir

Tro sgrios 's poll 's gunnaichean 's gas 's bàs a' Chogaidh Mhòir, bha boillsgean beaga dòchais ann dha saighdearan.

Bhiodh litrichean bhon dachaigh gan ceangal ris a' bheatha a b'àbhaist a bhith aca.

A-nis, ceud bliadhna bho thòisich an Cogadh, tha iomairt ann litrichean ùr a sgrìobhadh, stèidhichte air iomhaigh an t-saighdeir gun ainm ann an Lunainn.