BBC Naidheachdan

Ar nàbaidhean mu dheas

Chan eil teagamh ann nach toir an referendum air neo-eisimeileachd san t-Sultain buaidh air sluagh na h-Alba air fad, ge bith dè an taobh a thèid an bhòt.

Ach dè a' bhuaidh a bheir e air muinntir Shasainn?

Tha an tè-naidheachd phoileataigeach Anna NicLeòid a' siubhal air feadh Shasainn gus beachdan a thrusadh.