Bùth ùr a' fosgladh ann an Tunga
Fosglaidh bùth ùr ann an Tunga ann an Leòdhas a dh'aithghearr.
Tha an sgìre air a bhith grunn bhliadhnaichean às aonais bùth, ach a-nise tha Eòghainn is Iain MacCoinnich air togalach a bha na thaigh-adhraidh aig an Eaglais Easbaigeach a' ghabhail thairis.
Mar a chuala Ruaraidh Rothach, tha iad an dòchas an goireas ùr fhosgladh air an ath-mhìos.
- Air fhoillseachadh
- 16 An t-Iuchar 2014
- Earrann
- Naidheachdan